That this House notes that the UK Government accepts written correspondence in Welsh but not in Scottish Gaelic; recognises the need for equal status and culture of both languages; highlights the need to support Gaelic-speaking communities and uphold their linguistic rights; further notes that accepting correspondence in Gaelic aligns with the UK’s commitments under the European Charter for Regional or Minority Languages and the Scottish Languages Bill; and calls on the Government to require all UK departments to accept and respond to correspondence in Scottish Gaelic on the same basis as Welsh. Tha an Taigh seo a’ toirt fa-near gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an-dràsta a’ gabhail ri conaltradh sgrìobhte sa Chuimris ach nach eil iad a’ gabhail ri conaltradh sgrìobhte sa Ghàidhlig; ag aithneachadh gu bheil cruaidh-fheum aig an dà chànan air co-ionnannachd a thaobh inbhe agus cultar; a’ comharrachadh cho cudromach ’s a tha e taic a thoirt do choimhearsnachdan Gàidhlig agus na còraichean cànain aca a chumail suas; a’ toirt fa-near cuideachd gu bheil e a’ freagairt air geallaidhean na Rìoghachd Aonaichte fon Chairt Eòrpach airson Chànanan Roinneil no Mion-chànanan agus fo Bhile Chànanan na h-Alba le bhith a' gabhail ri conaltradh sa Ghàidhlig; agus ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dèanamh cinnteach gum bi gach roinn riaghaltais a’ gabhail ri agus a’ freagairt conaltradh sgrìobhte sa Ghàidhlig san aon dòigh ’s a nì iad leis a’ Chuimris.